
Cothroman is tachartasan
Mu dheidhinn
Tha Fèis Phàislig na bhuidheann cultarach a tha a’ brosnachadh ùidh, foghlam agus com-pàirteachas sna h-ealain thradaiseanta agus cultar na Gàidhlig air feadh Siorrachd Rinn Friù. ’S ann do dhaoine òga eadar aois 5 is 25 ’s a tha na pròiseactan againn agus aig gach ìre eadar luchd-tòiseachaidh is luchd-ionnsachaidh adhartach.
Tha iomadh dòigh ann airson pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Fèise againn agus sna leasanan seachdaineil. Bidh sinn ag obair còmhla ri cuid dhen luchd-chiùil is na h-oidean as fheàrr ann an saoghal a’ chiùil thradaiseanta ann an Alba airson cothroman tarraingeach is spòrsail a thoirt do dhaoine òga na sgilean sòisealta aca a chur am meud agus am brosnachadh gu làn an comasan.
Na pròiseactan againn

Seachdain na Fèise
Sgoilearan P1-S6 | An t-Iuchar
Seachdain làn spòrs de cheòl, òrain is cultar tradaiseanta, deagh chothrom do dhaoine òga na sgilean aca a leasachadh, caraidean a dhèanamh is dualchas na Gàidhlig a chomharradh.

Leasanan seachdaineil
Sgoilearan P1-S6 | Disathairne
Clasaichean ciùil cunbhalach fo stiùir shàr-oidean, a’ toirt cothrom do dhaoine òga innealan-ciùil tradaiseanta ionnsachadh ann an àrainneachd thaiceil.

A’ chòisir Ghàidhlig
Sgoilearan P5-S6 | Dimàirt
Còisir an-asgaidh a choisinn duaisean is a bheir cothrom do sheinneadairean òga seinn is òrain Ghàidhlig ionnsachadh agus a dhol air an àrd-ùrlar mar phàirt de choimhearsnachd ciùil bheòthail.

Cèilidh air chuairt
Aois 16-25
Turas an t-samhraidh le prògram a bheir cothrom do luchd-ciùil òga eòlas a thoirt air an àrd-ùrlar agus ceòl tradaiseanta a thaisbeanadh do dhaoine air feadh na h-Alba.
Gabh pàirt nar coimhearsnachd
A bheil thu airson pàirt a ghabhail nar coimhearsnachd? Cuir fios thugainn is faigh barrachd fiosrachaidh mu na pròiseactan againn, clàraich aig a’ chuairt-litir againn no lean sinn sna meadhanan sòisealta ’s cùm ceum ris na naidheachdan againn!