Skip to content

© Teaghlach nan Cuimeanach
© Teaghlach nan Cuimeanach

Bàrd Phàislig

Bàrd Phàislig

Goireas a chaidh a chruinneachadh le Gillebrìde Mac’IlleMhaoil

Tha ceangal làidir eadar Pàislig agus cultar Gàidhlig leis gun robh aon dhe na bàird ainmeile na 20mh linne a’ fuireach ann. Ged a rugadh Dòmhnall Mac an t-Saoir no Dòmhnall Ruadh mac Aonghais Ruaidh ann an Uibhist a Deas, ’s ann am Pàislig a chuir e seachad cuid mhòr dhe bheatha ann am Pàislig agus sin far an do thog e a theaghlach. Agus chaidh a thìodhlacadh ann an Cladh Hawkhead ann am Pàislig. ’S e Bàrd Phàislig an t-ainm a bh’ aig mòran air. B’ e Bàrd Phàislig a rinn cuid dhe na h-òrain as ainmeile ann am Pàislig fhèin – can Òran na Cloiche agus Bùth Dhòmhnaill ’IcLeòid.

Cò bh’ ann an Dòmhnall Ruadh, Bàrd Phàislig?

Rugadh Dòmhnall ann an Snaoiseabhal ann an 1889, clachan beag ann an Uibhist a Deas sna h-Eileanan Siar. Cha robh ach Gàidhlig aig a mhàthair agus bha an dà chànan aig athair. Chuir Dòmhnall seachad ùine mhòr còmhla ri a mhàthair nuair a bha e òg agus ri linn sin, bha briathrachas Gàidhlig mòr is farsaing aige – fad a bharrachd a bhiodh aig mòran dhe cho-aoisean.

Neach-labhairt na coimhearsnachd

Cha robh Dòmhnall ach 19 nuair a b’ fheudar dha muinntir an eilein aige a riochdachadh aig cùirt. Bha uachdaran fearann Uibhist, a’ Bhaintighearna Gordon Cathcart, airson toirmeasg do dhaoine coin a chumail airson obair na croite. Chaidh Dòmhnall Ruadh ainmeachadh leis a’ choimhearsnachd airson an riochdachadh sa chùirt – agus chaidh leis. Dh’innis e gur e Cùirt nan Con a’ chiad turas a rinn e pìos bàrdachd.

Seirbheis san arm

Bha Dòmhnall Ruadh sna Camshronaich fhad ’s a bha e san arm ach dh’fhàg e an t-arm mus do thòisich a’ chiad chogadh mòr. Ge-tà, bha e a’ faireachdainn gum bu chòir dha seirbheis a dhèanamh agus ghabh e san arm as ùr agus rinn e sabaid sa chiad chogadh. Ach seach mar a rinn mòran dhe na bàird Ghàidhlig eile a bha sa chogadh sin, cha do rinn Dòmhnall Ruadh bàrdachd sam bith mun chogadh.

An t-ìsleachadh mòr

Dh’èirich ìsleachadh mòr san eaconamaidh an dèidh a’ chiad chogaidh mhòir. Cha robh cùisean furasta do mhòran aig toiseach 20an na naoidheamh linn dheug, a’ gabhail a-staigh Dòmhnall. Bha e na chlachair ann an Uibhist an dèidh a’ chogaidh ach b’ fheudar dha an t-eilean fhàgail an tòir obrach. Rinn e obair ann an iomadh àite ann an Alba ach ghabh e còmhnaidh ann am Pàislig aig a’ cheann thall agus is ann an sin a thug e seachad a chòrr dhe bheatha. Phòs e Màiri NicGilleFhialain, tè à Uibhist a Deas. Bha teaghlach mòr aca agus bha obair aig Dòmhnall sna gàrraidhean-iarainn air a’ Chluaidh.

Pàislig

Bha Dòmhnall ainmeil sa choimhearsnachd agus bha beachdan poilitigeach làidir aige agus tha sin follaiseach ann an iomadh dàn is òran aige. Bhuannaich e Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1938. Fhuair e sin airson dàn mòr Aeòlus agus am Balg, pìos bàrdachd a dh’innis sgeul mu thrì diathan mòra a shèideadh gailleann os cionn taighe ann an Uibhist. Bha an dàn seo na shamhla air na cumhachdan faisisteach a bha a’ sabaid an aghaidh nan caidreabhaich san dàrna chogadh mhòr. Thuirt britheamh aig a’ Mhòd gum b’ e seo “dàn Gàidhlig na linne”.

Rinn Dòmhnall òrain phoilitigeach eile mar Òran na Cloiche agus Òran nan Rocaidean. Tha Òran na Cloiche a’ moladh nan ceithir oileanach a ‘shaor’ Lia Fàil à Abaid Westminster Là na Nollaig 1950. Seo aon dhe na h-òrain Ghàidhlig as ainmeile agus chaidh a chlàradh as ùr o chionn goirid le Mànran agus Kathleen NicAonghais.

Na h-òrain

Ann an Òran nan Rocaidean, tha Dòmhnall Ruadh ag iomairt an aghaidh rainnse nan rocaidean a bha Riaghaltas Bhreatainn a’ togail sna h-Eileanan Siar. Bha esan dhen bheachd gur e leasachadh cunnartach a bha seo do choimhearsnachd na Gàidhlig a bhith aig fìor bheulaibh a’ chogaidh fhuair agus rinn e òran aoireil na aghaidh.

Ach rinn Dòmhnall òrain cuideachd a’ bha a’ moladh nàdar is coimhearsnachd. Tha aon dhe na h-òrain as ainmeile aige ag innse sgeul Bùth Dhòmhnaill ’IcLeòid – taigh-seinnse air Rathad Phàislig an Iar. Tha e a’ toirt dealbh èibhinn is gu math mionaideach air an taigh-seinnse ’s na daoine a rachadh ann. ’S e tuairisgeul mìorbhaileach a th’ ann air na taighean-seinnse a bhiodh ann am Pàislig sna 1950an. Rinn Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain clàradh dhen òran seo. Tha Sporan Dhòmhnaill, air an làimh eile, ag innse dè cho doirbh ’s a bha e dha a theaghlach a chumail suas is an t-airgead cho gann. Chaidh seo a chlàradh leis a’ bhuidheann Ghàidhlig ainmeil, Dàimh.

A chomasan mar bhàrd

Bha bàrdachd Dhòmhnaill Ruaidh ainmeil airson cho geur ’s a bha iad agus na beachdan poilitigeach is sòisealta a thug e seachad ach cuideachd leis cho ealanta ’s a bha e le comhardadh Gàidhlig agus mar a bha e a’ tarraing air bàrdachd thradaiseanta. Tha cuid ag ràdh gun robh de bhriathrachas is sgil aige air bàrdachd a bha nas fhaisge air bàird ainmeil na 18mh na na bàird Ghàidhlig eile a bha beò aig an aon àm san 20mh linn. Sin cho math ’s a bha e!

Ge-tà, ged a rinn e oidhirp an obair aige a chur an clò fhad ’s a bha e beò, cha deach leis. Aig a’ cheann thall, bha e air a shàrachadh cho mòr gun do chuir e teine ri obair mhòr a bheatha aig an taigh. Gu fortanach, chaidh aig an nighean aige air na dàin a shàbhaladh on teine. Chaochail Dòmhnall Ruadh ann am Pàislig ann an 1964 agus cha deach cruinneachadh nan dàn aige, Sporan Dhòmhnaill, fhoillseachadh gus a’ bhliadhna 1968.

Dìleab Phàislig

Tha daoine fhathast dhen bheachd gun robh am fireannach seo a rugadh ann am bochdainn ann an Uibhist a Deas ach a thug seachad a’ chuid as motha dhe bheatha ann am Pàislig am measg nam bàrd Gàidhlig as fheàrr a-riamh. Seinnidh agus clàraichidh daoine òrain Dhòmhnaill Ruaidh fhathast agus tha dìleab bàrd Phàislig na ceangal buan a-nis eadar Pàislig agus a dhualchas Gàidhlig.

images

’S urrainn dhut coimhead air pìosan beaga de phrògram mu Dhòmhnall Ruadh an seo.

Treble

Gabh pàirt nar coimhearsnachd

A bheil thu airson pàirt a ghabhail nar coimhearsnachd? Cuir fios thugainn is faigh barrachd fiosrachaidh mu na pròiseactan againn, clàraich aig a’ chuairt-litir no lean sinn sna meadhanan sòisealta ’s cùm ceum ris na naidheachdan againn!