Gabh Pàirt
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha Pàislig air a thighinn gu bhith na mheadhan airson nan ealan ann an Alba, a’ gabhail a-steach Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2013 agus Fèis The Spree. An-diugh, tha barrachd chothroman na bha riamh ann gus ealan traidiseanta is ceòl fhaighinn a-steach dhan choimhearsnachd. Leugh air adhart gus faighinn a-mach barrachd…
Tachartasan
Bho ar seachdain Fèis fhèin gu aon de na fèisean ciùil dùthchasach as ainmeile san t-saoghal, Celtic Connections – tha gu leòr thachartasan san sgìre ionadail far am faigh thu fhèin an sàs. Thoir sùil air an duilleag tachartasan againn airson barrachd fiosrachaidh mu chlubaichean-ciùil dùthchasach ionadail, fèisean is barrachd.
Oideachadh & Buidhnean Ionadail
Co-dhiù ’s e neach-tòiseachaidh a th’ annad no gu bheil thu a’ faighinn grèim a-rithist air sgil a bh’ agad roimhe, ’s e dòigh thlachdmhor a th’ ann ionnsachadh mar a chluicheas tu ionnstramaid gus ceòl traidiseanta a thoirt a-steach nad bheatha. Tha mòran oidean san sgìre a tha a’ tabhann leasanan fa-leth is ann am buidhnean, agus cothroman tron Iomairt Ciùil Òigridh do chlann. Thoir sùil air an duilleag oideachaidh & bhuidhnean ionadail ionadail againn airson barrachd fiosrachaidh mu mar a thòisicheas tu.