Skip to content

Tha na h-àitichean mu dheireadh ri fhaighinn a-nis – cuir sìos d’ ainm ron 31mh dhen Chèitean!

Briog an seo is cuir sìos d’ ainm no clàraich aig an liosta-phuist againn airson naidheachdan san àm ri teachd

Seo thugad seachdain dho-chreidsinneach de cheòl tradaiseanta
is cultar Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù!

Tiugainn is gabh pàirt ann am bùthan-obrach ciùil is ealain togarrach fad 4 làithean. Tha na tachartasan againn rè Seachdain na Fèise ag amas air daoine òga eadar aois 5 is 18 fo stiùir cuid dhen luchd-chiùil is dhe na h-oidean as fheàrr ann an Alba.

Dimàirt 15mh gu Dihaoine 18mh latha dhen Iuchar 2025
Àrd-sgoil Bhaile Iain
feis_phaislig-54 (1) 2

An Fhèis Bheag

Sgoilearan P1-P3

Ciad bhlasad de cheòl tradaiseanta is òrain Ghàidhlig.

A’ Phrìomh Fhèis

Sgoilearan P4-S6

Bùthan-obrach “Tiugainn is feuch” le ceòl, òrain, dannsa ’s mòran a bharrachd…

An Fhèis Adhartach

Sgoilearan S1-S6

Sreath de bhùthan-obrach leasachail do sgoilearan san àrd-sgoil.

Treble

Thig còmhla rinn

A bheil thu airson a bhith nad phàirt dhen choimhearsnachd againn? Cuir fios thugainn gus barrachd ionnsachadh mu na pròiseactan againn, clàraich airson an litir-naidheachd againn, no lean sinn air na meadhanan sòisealta airson fuireach air an fhiosrachadh as ùire!