Mu ar deidhinn
Tha Fèis Phàislig na bhuidheann ealain iomairteach a bheir cothrom air ceòl tradaiseanta is cultar na Gàidhlig do dhaoine òga air feadh Shiorrachd Rinn Friù.
Eadar cèilidhean is còisirean, sgoiltean samhraidh agus tursan sgoile, tha sinn airson brosnachadh a thoirt dhan ath-ghinealach de luchd-ciùil is tosgairean cultarach.
Chaidh Fèis Phàislig a stèidheachadh ann an 2015 is chùm sinn a’ chiad Seachdain na Fèis againn a-riamh a’ bhliadhna ud – cùrsa dian de bhùthan-obrach airson stobadh a-steach. Fhuair barrachd air 60 clann oideachadh ann an ionnsramaidean ciùil, seinn is dràma rè na seachdain, air an teagasg le cuid dhen luchd-chiùil tradaiseanta as ainmeile ann an Alba. Thàinig fàs air cùisean on àm ud is tha prògram de thachartasan fad na bliadhna againn a-nis is ghabh barrachd air 14,000 neach òg pàirt ann an 2024.
Dè th’ ann am Fèis?
’S e cruinneachadh aighearach a th’ ann am fèis. Ach ma chanas tu fèis an-diugh, smaoinichidh a’ mhòrchuid air iomairt nam Fèisean – lìonra de dh’fhèisean ealain Ghàidhlig a tha stèidhichte sna coimhearsnachdan is a thòisich còrr is 30 bliadhna air ais. Cuiridh na tachartasan seo – a gheibhear air feadh na h-Alba an-diugh – cudrom air ceòl tradaiseanta, seinn, dannsa ’s dràma, gu sònraichte dhan chlann is daoine òga.
Tha Fèis na tachartas spòrsail far am bi fàilte ron a h-uile a tha airson pàirt a ghabhail – agus ionnsachadh fhaighinn – ann an tradaisean cultarach na Gàidhlig. Ged a bhios a h-uile rud gu math neo-fhoirmeil is ion-ghabhalach, ’s e oideachadh aig ìre àrd a gheibhear aig luchd-ciùil is oidean sàr-eòlach.
Faigh barrachd fiosrachaidh mu eachdraidh iomairt nam Fèisean aig feisean.org.
An sgioba againn
’S e Grant MacPhàrlain an stiùiriche aig Fèis Phàislig agus tha esan an urra ri leasachadh is lìbhrigeadh nan tachartasan againn thairis air a’ bhliadhna. Tha bòrd dìleas de shaor-thoilich ri a thaobh is a chumas coinneamhan air feadh na bliadhna a bheir stiùireadh is taic dhan obair againn.
’S e carthannas Albannach clàraichtey a th’ annainn agus tha sinn ag obair ann an com-pàirteachas leis an os-bhuidheann nàiseanta againn, Fèisean nan Gàidheal.
Ma tha thu airson pàirt a ghabhail ann, cuir fhios thugainn. Tha fàilte ro bheachd-smuaintean ùra, neart òg is taic an-còmhnaidh is sinne airson brod nan àrainneachdan a chruthachadh do dhaoine òga air feadh Shiorrachd Rinn Friù.
Am prògram againn tron bhliadhna
On a chuir sinn air bhog Fèis Phàislig ann an 2015 le seachdain de thachartasan as t-samhradh, thàinig fàs air cùisean is tha prògram beòthail againn a-nis tron bhliadhna air fad a bheir cothroman dha na mìltean de dhaoine òga air feadh Shiorrachd Rinn Friù. Am measg rudan eile, tha na leanas againn an-diugh:
- Leasanan seachdaineil – Oideachadh cunbhalach ann an ionnsramaidean ciùil Albannach tradaiseanta
- Còisir Ghàidhlig – Seiseanan seinn ann am buidheann a tha na chothrom ionnsachadh Gàidhlig cuideachd
- Seachdain na Fèise – Bùthan-obrach ciùil is ealain as t-samhradh do luchd-ionnsachaidh aig ìre sam bith
- Com-pàirteachas sgoiltean – Blocaichean ochd sheachdainean ann an sgoiltean àbhaisteach is ASN tron bhliadhna
- Stramais nan sgoiltean – Turas ciùil thradaiseanta do bhun-sgoiltean
- Cèilidh air chuairt – Prògram thaisbeantasan is leasachadh proifeiseanta do luchd-ciùil òga eadar aois 16 is 25
Tha e na amas dhuinn sàr-àrainneachd do dhaoine òga a thoirt seachad a bhios fosgailte dhan a h-uile duine – ged a bhios inneal-ciùil nan làimh a’ chiad turas nam beatha no ag obair air sgilean an àrd-ùrlair.
Fair Work
Fèis Phàislig is committed to Fair Work and to creating a positive, inclusive and supportive environment for everyone who works with us.
We pay all employees at least the Real Living Wage and freelance musicians and creative practitioners at appropriate recommended industry rates, including Musicians’ Union rates where applicable.
We are committed to fair and inclusive opportunities, effective communication, respect and supporting the professional development of those we work with.
We seek to embed the Scottish Government’s Fair Work principles throughout our working practices.
Thig còmhla rinn
A bheil thu airson a bhith nad phàirt dhen choimhearsnachd againn? Cuir fios thugainn gus barrachd ionnsachadh mu na pròiseactan againn, clàraich airson an litir-naidheachd againn, no lean sinn air na meadhanan sòisealta airson fuireach air an fhiosrachadh as ùire!




