Skip to content

Mu ar deidhinn

Tha Fèis Phàislig na bhuidheann ealain iomairteach a bheir cothrom air ceòl tradaiseanta is cultar na Gàidhlig do dhaoine òga air feadh Shiorrachd Rinn Friù.

Eadar cèilidhean is còisirean, sgoiltean samhraidh agus tursan sgoile, tha sinn airson brosnachadh a thoirt dhan ath-ghinealach de luchd-ciùil is tosgairean cultarach.

Chaidh Fèis Phàislig a stèidheachadh ann an 2015 is chùm sinn a’ chiad Seachdain na Fèis againn a-riamh a’ bhliadhna ud – cùrsa dian de bhùthan-obrach airson stobadh a-steach. Fhuair barrachd air 60 clann oideachadh ann an ionnsramaidean ciùil, seinn is dràma rè na seachdain, air an teagasg le cuid dhen luchd-chiùil tradaiseanta as ainmeile ann an Alba. Thàinig fàs air cùisean on àm ud is tha prògram de thachartasan fad na bliadhna againn a-nis is ghabh barrachd air 14,000 neach òg pàirt ann an 2024.

Dè th’ ann am Fèis?

’S e cruinneachadh aighearach a th’ ann am fèis. Ach ma chanas tu fèis an-diugh, smaoinichidh a’ mhòrchuid air iomairt nam Fèisean – lìonra de dh’fhèisean ealain Ghàidhlig a tha stèidhichte sna coimhearsnachdan is a thòisich còrr is 30 bliadhna air ais. Cuiridh na tachartasan seo – a gheibhear air feadh na h-Alba an-diugh – cudrom air ceòl tradaiseanta, seinn, dannsa ’s dràma, gu sònraichte dhan chlann is daoine òga.

Tha Fèis na tachartas spòrsail far am bi fàilte ron a h-uile a tha airson pàirt a ghabhail – agus ionnsachadh fhaighinn – ann an tradaisean cultarach na Gàidhlig. Ged a bhios a h-uile rud gu math neo-fhoirmeil is ion-ghabhalach, ’s e oideachadh aig ìre àrd a gheibhear aig luchd-ciùil is oidean sàr-eòlach.

Faigh barrachd fiosrachaidh mu eachdraidh iomairt nam Fèisean aig feisean.org.

An sgioba againn

’S e Grant MacPhàrlain an stiùiriche aig Fèis Phàislig agus tha esan an urra ri leasachadh is lìbhrigeadh nan tachartasan againn thairis air a’ bhliadhna. Tha bòrd dìleas de shaor-thoilich ri a thaobh is a chumas coinneamhan air feadh na bliadhna a bheir stiùireadh is taic dhan obair againn.

’S e carthannas Albannach clàraichtey a th’ annainn agus tha sinn ag obair ann an com-pàirteachas leis an os-bhuidheann nàiseanta againn, Fèisean nan Gàidheal.

Ma tha thu airson pàirt a ghabhail ann, cuir fhios thugainn. Tha fàilte ro bheachd-smuaintean ùra, neart òg is taic an-còmhnaidh is sinne airson brod nan àrainneachdan a chruthachadh do dhaoine òga air feadh Shiorrachd Rinn Friù.

Am prògram againn tron bhliadhna

On a chuir sinn air bhog Fèis Phàislig ann an 2015 le seachdain de thachartasan as t-samhradh, thàinig fàs air cùisean is tha prògram beòthail againn a-nis tron bhliadhna air fad a bheir cothroman dha na mìltean de dhaoine òga air feadh Shiorrachd Rinn Friù. Am measg rudan eile, tha na leanas againn an-diugh:

  • Leasanan seachdaineil – Oideachadh cunbhalach ann an ionnsramaidean ciùil Albannach tradaiseanta
  • Còisir Ghàidhlig – Seiseanan seinn ann am buidheann a tha na chothrom ionnsachadh Gàidhlig cuideachd
  • Seachdain na Fèise – Bùthan-obrach ciùil is ealain as t-samhradh do luchd-ionnsachaidh aig ìre sam bith
  • Com-pàirteachas sgoiltean – Blocaichean ochd sheachdainean ann an sgoiltean àbhaisteach is ASN tron bhliadhna
  • Stramais nan sgoiltean – Turas ciùil thradaiseanta do bhun-sgoiltean
  • Cèilidh air chuairt – Prògram thaisbeantasan is leasachadh proifeiseanta do luchd-ciùil òga eadar aois 16 is 25

Tha e na amas dhuinn sàr-àrainneachd do dhaoine òga a thoirt seachad a bhios fosgailte dhan a h-uile duine – ged a bhios inneal-ciùil nan làimh a’ chiad turas nam beatha no ag obair air sgilean an àrd-ùrlair.

Obair chothromach

Tha Fèis Phàislig an dealas do dh’obair chothromach agus airson àrainneachd a chruthachadh a bhios brosnachail, ion-ghabhalach agus taiceil dhan a h-uile duine a nì obair còmhla rinn.

Tha an luchd-cosnaidh againn air fad a’ faighinn co-dhiù tuarastal bith-beò agus pàighidh sinn na reataichean a thathar a’ moladh sa ghnìomhachas do luchd-ciùil is luchd cruthachail a nì obair air an ceann fhèin, a’ gabhail a-staigh reataichean Aonadh an Luchd-chiùil nuair a bhios sin iomchaidh.

Tha sinn an dealas do chothroman ion-ghabhalach agus cothromach, conaltradh èifeachdach, spèis agus taiceil do leasachadh proifeiseanta nan daoine a bhios sinn ag obair còmhla riutha.

Tha sinn cuideachd a’ dèanamh oidhirp prionnsabalan na h-obrach chothromach aig Riaghaltas na h-Alba a chur an sàs air feadh na h-obrach air fad a nì sinn.

Gabh pàirt nar coimhearsnachd

A bheil thu airson pàirt a ghabhail nar coimhearsnachd? Cuir fios thugainn s faigh barrachd fiosrachaidh mu na pròiseactan againn, clàraich aig a’ chuairt-litir no lean sinn sna meadhanan sòisealta ’s cùm ceum ris na naidheachdan againn!