Skip to content

Cruinneachadh Rinn Friù

Seo cruinneachadh de dh’fhuinn le sgrìobhaichean-ciùil à Siorrachd Rinn Friù agus òrain mun sgìre.

Tha fuinn ann an Cruinneachadh Rinn Friù le luchd-ciùil à Rinn Friù agus òrain a chaidh an sgrìobhadh mun sgìre. Tha an goireas seo a’ tarraing ar n-aire gu cuid dhen luchd-chiùil is luchd-ealain thradaiseanta a tha stèidhichte ann an Siorrachd Rinn Friù agus na phlathadh beag air saoghal a’ chiùil a tha a’ sìor fhàs an seo. 

Chaidh a chur ri chèile le Ron Jappy, neach-ciùil aig a bheil liut air iomadh ionnsramaid agus tha iomadh seòrsa de dh’fhuinn thradaiseanta sa ghoireas seo. Tha diofar roinnean ann, air an sgaradh a rèir seòrsa an fhuinn agus tha rudan ann dhan a h-uile duine ge be dè ìre do chomais. Tha cùird a mholadh sgrìobhaichean a’ chiùil aig iomadh fonn ach chan eil annta ach stiùireadh agus tha fàilte romhad a bhith cruthachail leotha.

Bu mhath le Fèis Phàislig taing a thoirt dha Fèisean nan Gàidheal agus Alba Chruthachail, cha bhiodh am pròiseact seo ann as aonais a’ phrògraim Treòir aca airson luchd-ciùil air muinntireas. Tha sinn an dòchas gun gabh thu tlachd sna fuinn mhìorbhaileach seo le luchd-ciùil ionadail.

Gabh pàirt nar coimhearsnachd

A bheil thu airson pàirt a ghabhail nar coimhearsnachd? Cuir fios thugainn is faigh barrachd fiosrachaidh mu na pròiseactan againn, clàraich aig a’ chuairt-litir, no lean sinn sna meadhanan sòisealta ’s cùm ceum ris na naidheachdan againn!